Chi Mi Na Morbheanna
Sèist:
O chì, chì mi na mórbheanna
O chì, chì mi na córrbheanna
O chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgoran fo chèo
Chì mi gun dàil an t-àite 's an d'rugadh mi
Cuirear orm fàilt' 's a' chànain a thuigeas mi
Gheibh mi ann aoidh agus gràdh 'n uair ruigeam
Nach reicinn air thunnaichean òir
Chì mi ann coilltean, chì mi ann doireachan
Chì mi ann maghan bàna is toraiche
Chì mi na féidh air làr nan coireachan
Falaicht' an trusgan de chèo
Beanntaichean àrda is àillidh leacainnean
Sluagh ann an còmhnuidh is còire cleachdainnean
'S aotrom mo cheum a' leum g'am faicinn
Is fanaidh mi tacan le deòin