A Phiùthrag ’s a Phiuthar

Traditional

Verse 1
A’ phiuthrag sa phiuthar
Hù rù
Ghaoil a phiuthar
Hù rù
Nach truagh leat fhèin
Hò hol ill leò
Nochd mo chumha
Hù rù

Nach truagh leat fhèin
Hù rù
Nochd mo chumha
Hù rù
’S mi ’m bothan beag
Hò hol ill leò
Ìseal, cumhag
Hù rù

’S mi ’m bothan beag
Hù rù
Ìseal, cumhag
Hù rù
Gun lùb sìomain
Hò hol ill leò
Gun ghad tughaidh
Hù rù

Gun lùb sìomain
Hù rù
Gun ghad tughaidh
Hù rù
’S uisge nam beann
Hò hol ill leò
Sìos na shruth leis
Hù rù

’S uisge nam beann
Hù rù
Sìos na shruth leis
Hù rù
’S mise bhean bhochd
Hò hol ill leò
Chianail, dhuilich
Hù rù

’S mise bhean bhochd
Hù rù
Chianail, dhuilich
Hù rù
Dhìrich mi suas
Hò hol ill leò
Beinn an Sgrìobain
Hù rù

Dhìrich mi suas
Hù rù
Beinn an Sgrìobain
Hù rù
’S Laigheabhal Mhòr
Hò hol ill leò
Nan each grìs-fhionn
Hù rù

’S Laigheabhal Mhòr
Hù rù
Nan each grìs-fhionn
Hù rù
Cha d’ fhuair mi ann
Hò hol ill leò
Na bha dhìth orm
Hù rù

Cha d’ fhuair mi ann
Hù rù
Na bha dhìth orm
Hù rù
Tè bhuidhe, ’s a
Hò hol ill leò
Falt mar dhìthein
Hù rù

A’ phiuthrag sa phiuthar
Hù rù
Ghaoil a phiuthar
Hù rù
A’ phiuthrag sa phiuthar

Músicas mais populares de Julie Fowlis

Outros artistas de Folk